Choisinn e Duais Bàrdachd na Gàidhlig aig Fèis Leabhraichean Bhaile na h-Ùige ann an 2017, às dèidh dha bhith air a’ gheàrr-liosta ceithir tursan ann an sia bliadhnaichean. ’S e ‘#AgusMise’ a ghlèidh dàrna àite ann an 2019 agus a nochdas ann an ‘Dùileach’. Ann an 2020 ghlèidh e duais na bàrdachd aig a’ Mhòd Bhiortail, làmh ri duaisean a choisinn e aig Comann Sgrìobhadairean na h-Alba, Seòmar-leughaidh an Eilein Sgitheanaich agus Seòmar Litreachas na Gàidhealtachd.
Is Marcas deasaiche a’ bhlog-ealain STAING agus deasaiche na Gàidhlig don na h-irisean litreachais Poblachd nam Bàrd agus Northwords Now. Ann an 2016 ghlèidh e Duais Nua-dhràmaire na Gàidhlig aig Stiùidio Dràmairean na h-Alba agus Comhairle nan Leabhraichean. Tha e air dà dhealbh-chluich a sgrìobhadh – Tilleadh is Tioradh’– a ghlèidh Cuach Gaiseit Steòrnabhaigh aig a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail ann an 2016 is 2017. Chaidh an dealbh-chluich aige Diuchdadh a chur air an àrd-ùrlar aig Cùirt Eden Inbhir Nis ann an 2016.
Tha Marcas am measg nan òranaichean as ùr-nòsaiche air Gàidhealtachd na h-Alba. Choisinn e duais an òrain ùir aig a’ Mhòd Nàiseata Rìoghail ann an 2018 is aig a’ Mhòid Bhiortail ann an 2020. Tha e air òrain a sgrìobhadh leis na ceòladairean as fheàrr air saoghal na Gàidhlig agus Rachel Walker, Màiri Anna NicUalraig, Ainsley Hamill agus Pàdruig Moireasdan nam measg. Mar sheinneadair, bha e ann an cuairt dheireannach Bonn-òir a’ Chomuinn Ghaidhealaich ann an 2016 agus Bonn-òir an t-Seann-nòis ann an 2019.
Ach’s aithne Marcas air feadh Alba mar Rìgh Pop na Gàidhlig le trì òrain shingilte gan cur a-mach – ‘Fichead ’s a h-Ochd’, ‘Bruidhinn’ is ‘Nochd’. Thathar an dùil ris a’ chlàr ùr aige ann an ùine nach bi ro fhada.
Còmhla ri a chèile Joshua Wilson, bidh iad a’ cruthachadh ealain is film mar LUPUS&LEO.