Nathaniel Harrington (e/esan)
’S e bàrd, sgrìobhadair-ruisg, agus neach-rannsachaidh a th’ ann an Nathaniel Harrington. Tha a chuid bàrdachd air nochdadh ann an Dàna, STEALL, agus Poblachd nam Bàrd, agus bha an làmh-sgrìobhainn aige cruthan air geàrr-liosta nan Duaisean Litreachais ann an 2020.
Gheibhear a chiad cho-chruinneachadh de sgeulachdan goirid, aotrom-laigheachan, ceithir sgeulachdan drùis-mhiannach gèidh, saor an-asgaidh air loidhne. A bharrachd air an fhicsean “aona-làmhach” seo, bidh e a’ sgrìobhadh fantasachd is ficsean-saidheans gun (a liuthad) fheis ghèidh.
Air an taobh acadaimigeach, tha e a’ cur crìoch air dotaireachd ann an litreachas coimeasach aig Oilthigh Thoronto, a’ sgrùdadh riochdachaidhean an leughaidh ann am fantasachd is ficsean-saidheans (ann an Gàidhlig is Beurla) agus cleachdaidhean-leughaidh airson nan gnè seo, ri taobh obair an fheallsanaiche Spàinntich Miguel de Unamuno. Tha ùidh mhòr aige cuideachd ann an nua-bhàrdachd sna cànanan Ceilteach is ann am mion-chànanan eile, agus san dàimh eadar teòiridh litreachasail agus breithneachadh litreachasail sa Cheiltis.
Liosta sgrìobhaidhean (le ceanglaichean) air làrach-lìn Nathaniel.
Bùth Gumroad Nathaniel, far am faighear aotrom-laigheachan agus an sgeulachd fantasachd fa-leth “Boicfhear sa Phàirc”.
“‘rudan cudromach a ràdh / ann an cànan neo-chudromach’: sgrìobhadh sa Ghàidhlig san latha an-diugh”, aiste sgoileireil anns a’ Ghàidhlig a’ sgrùdadh dàn leis a’ bhana- bhàrd Ghàidhlig Mona NicLeòid Wagner ri taobh dàn leis a’ bhàrd Èireannach Gearóid Mac Lochlainn.